Ùig (Leòdhas)
As a'Wikipedia
An Sgìre as iomallaiche ann an Leòdhas.
'S ann à seo a thàinig an Reubailteach ainmeil Dòmhnall Cam MacAmhlaigh, a bha an-comhnaidh a' cur dragh air muinntir Dhùn Charlabhaigh.
Tha Ùig nas coltaiche ris Na Hearadh 'na Chruinne Eolas, le móran bheanntan ri fhaicinn ann, agus mòran traighean brèagha cuideachd. Gu dearbh, tha blas Gàidhlig diofraichte aig na Uigich a tha nas coltaiche ri blas Hearach na blas Leodhasach.
'S e Traigh Ùige an traigh as motha a th' ann, ach tha traighean eile aig Mangerstadh, Mealasta, Riof agus Bhaltos a tha uamhasach brèagha cuideachd. Chaidh Na Fir-Tailleisg Leòdhasach a lorg an seo cuideachd anns an 19mh linn.
'S e Mealsabhal a' bheinn as àirde san sgìre, ach 's e Suaineabhal an té as brèagha, a' seasamh leatha fhèin ri taobh Loch Suaineabhal, loch fada is domhainn, beagan air falbh bho na beanntan eile.
Airson bhliadhnaichean bha crann mòr reidio ag éirigh à Àird Ùige, far an robh ionad Feachd Adhair, ach dh'fhàs e meirgeach 's a-nis chan eil ach crann beag air mullach Fhorsnabhail.