Reul-bhad
As a'Wikipedia
Tha reul-bhad na còmhlan de reultan. Ged a tha iad a’ coimhead mar a tha iad faisg air a chèile bhon planaid againne, mar is trice, chan eil iad faisge air a chèile idir. Is urrainn do reul aig taobh eile den speur againn a bhith nas fhaisge ri reul eile, na reultan a tha nan nàbaidhean san aon reul-bhad.
[deasaich] Reulbhadan
[deasaich] Casan na grèine (Zodiac)
Tha an dà chuid ainmean Gàidhlig agus ainmean a chleachdar anns a' Bheurla, a tha ann an saidheans eadar-naiseanta (a'chuid as motha a'tighinn a Greugais, Laidinn, agus Arabais) air an clàrachadh an seo.
Aquarius - Am Fear-Giulain Uisge
Aries - An Reithe
Cancer - Am Partan
Capricorn - An Gobhar
Gemini - Na Leth-Aonan
Leo - An Leomhann
Libra - Meidh
Pisces - Na h-Iasgan
Sagittarius - An Saighdear
Scorpio - An Sgairp
Taurus - An Tarbh
Virgo - A' Mhaighdean
[deasaich] Fir Eile
Hydra - An Nathair-nimhe
Orion - An t-Sealgair Mor, Rìgh Meangan
Ursa Major - An Crann-Arain, An Long