Aithbhreac Inghean Corcadail
As a'Wikipedia
Cha tàinig ach aon dàn le Aithbhreac inghean Corcadail a-nuas thugainn: am marbhrann A phaidrín do dhùisg mo dhéar, a tha air a ghlèidheadh ann an Leabhar Deadhan Lios Mòr agus anns a bheil i a' caoidh a fir, Niall Óg (mac Thorcuil) MacNéill Ghiogha, a bha na consabal aig Caisteal Suibhne ann an Cnapadal às leth MacDhòmhnaill nan Eilean, agus a dh'eug, a rèir coltais, uaireigin eadar 1455 agus 1472. Is dòcha gur e seo an dàn as tràithe a rinneadh (ann an Alba no ann an Èirinn) le bana-bhàrd air a bheil ainm cinnteach.