Beinn Nibheis
As a'Wikipedia
Is i Beinn Nibheis a' bheinn as àirde ann an Alba, aig 1344m (4409tr). Tha i suidhichte ann am Monadh Dhruim Uachdair os cionn Glinn Nibheis, faisg air a' Ghearasdan ann an Loch Abar.
Chan eil ciall an ainm soilleir. Tha caochladh fhacal-fhreumhan air moladh, mar nèamh agus nimheil.
Tha a' bheinn ainmeil airson na sìde chunnartach chaochlaideach air a' mhullach aice. Air sgàth seo agus a liuthad streapadair gach bliadhna -- moran dhiubh gun an eòlas riatanach air beanntan -- bithidh tubaistean mharbhtach a' tachairt gu tric.
Tha slighe don mhullach a' tòiseachadh aig Ionad Nibheis (an ionad-tadhail anns a' ghleann). Chaidh an slighe a thogail ann an 1883 air a' phrìs ₤800, gus pònaidhean a leigeil don reul-lann a bh' air a' mhullach aig an àm.
Tha lochan, Lochan an t-Suidhe, leth-slighe shuas a' bheinn.
[deasaich] Rèis na Beinne
Thatar am beachd gum b' e a' chiad duine a ruith suas a' bheinn gruagaire ionadail, William Swan, ann an 1895. Ruith e bhon t-seann oifis a' phuist anns a' Ghearasdan ann an 2u41m. Bha a' chiad rèis farpaiseach ann an 1899, le 10 co-fharpaisich a'gabhail pàirt. B' e am fear-buannachaidh, an geamair Uisdean Ceanadach.