Dunedin
As a'Wikipedia
Tha Dùn Eidinn (Beurla: “Dunedin”, Maori: "Ōtepoti") air an Eilean-a-Deas, ann an Sealainn Nuadh. Tha e na phrìomh-bhaile Otago, agus tha buaidh Albannach air, leis an ainm aige, sràidean air a bheil ainmean bhon sràidean ann an Dùn Èideann, agus ailtireachd Victorianach. Tha e air a’ mhuir, agus tha port mòr ann.