Earra-ghaidheal
As a'Wikipedia
Is e Earra-ghaidheal, no eàrr (se sin oirthir) nan Gaidheal, an ceàrn tùsail ann an Alba far an do shuidhich na Gaidheil. Mu dheireadh, dh'fhàs an tìr-imrich seo gu bhith an rìoghachd Dal Riada. Tha mòran làthairean roi-eachdraidheil ann, mar eiseamplair aig Dùn Athad.
Tha Earra-ghaidheal a'gabhail a-staigh Earra-ghaidheal Meadhanach, Lathurna, na leth-eileanan Cinn Tìre agus Còmhal, agus na h-eileanan (Ile, Diùra, Collasa, Muile, Giogha).
Is iad na bailtean cudromach An t-Oban, Inbhir Aora, Ceann Loch Gilb, agus Ceann Loch Chille Chiarain.