Fergus Mòr Mac Earca
As a'Wikipedia
A' chiad rìgh aig Dal Riada agus na Gaidheal ann an Alba.
Bith feadhainn a toirt an tiotal "Athair na h-Alba" dha agus gu mearachdach a bruidhean mu dheidhinn mar a chiad Rìgh aig Alba an àite Cináed mac Ailpín ( Coinnaech mac Ailpin ) .
Tha tòir connspaid ann mu rìoghachadh oir nach eil moran fhios again air fhàgail bhon aois anns an robh è beò. Ann an sgrìobhaidhean na Na Ceithear Mhaistir tha air a ràdh gur e mac Muredach mac Eogan mac Niall Noigíallach, Àrd Rìgh na h-Eirinn, a bh'ann. Ach, tha an t-ainm aige a seaghaicheadh gur e mac Erc, Rìgh Dál Riata a bh'ann ach b'urrainn gur e Erc an aon duine ri Muredach. Bha brathair aige, Muircheartach, a bha na Àrd Rìgh na h-Eirinn eadar 504 is 527.
Bha è aig ceann ionnsaigh gu Alba a thoirt taic don sheanair aige, Aonghas Muircheartach Loarn - rìgh Dál Riata - a bha fo smachd nan Cruithneach. Rinn Fearghas agus agus na coig braithrean aige a chùis air na Cruithnich agus mar sin bhuannaich iad saorsachd Dhál Riata. Bhàsaich an rìgh greiseag an deidh sin agus chaidh Fearghas a thaghadh mar an rìgh ùr. Tha fionnsgeul ann gur e Fearghas a thug an Lia-Fàil gu Alba bho Eirinn .