Iseabail Ni Mheic Cailein
As a'Wikipedia
B'e bhean-uasal ann an cùirt Inbhir Aora a bha ann an Iseabail Ní Mheic Cailéin; a rèir coltais b'i bean no nighean Cailein, ciad iarla Earra Ghàidheal (†1493). Bha i air aon de na bana-bhàird Ghàidhealach as tràithe a tha ga h-ainmeachadh. Tha na dàin aice air an glèidheadh ann an Leabhar Deadhan Lios Mòr: 'Atá fleasgach ar mo thí', 'Éistibh, a lucht an tighe so' agus 'Is mairg dá ngalar an grádh'.