Robbie Williams
As a'Wikipedia
Raibeart Peadar MacUilleim (Rugadh 13 An Gearran, 1974 ann am Burslem, Stoke-on-Trent, Siorrachd Stafford). Tha e na sheinneadair Shasannach.
Clàr-innse |
[deasaich] a' Bheatha
[deasaich] Take That
Thòisich Robbie ann an saoghal a' phop leis a' chòmhlan-ciùil, Take That a bha ga stiùireadh leis an t-seinneadair/bàrd Gary Barlow. Chaidh an còmhlan-ciùil a stéidheachadh ann an 1991 agus bha iad gu math soirbheachail, a' ruigsinn àireamh a h-Aon ochd tursan. Chruthaich an soirbheachas cothroman do chòmhlan-ciùil choltach ri Boyzone agus 911. Ge-tà, thathar a' ràdh nach d' fhuair Robbie air adhart le buill eile a' chòmhlain-ciùil air sgàth a fheartan bhlèigeardach, agus bha e an còmhanidh strì leis na buill agus leis an rianachd. Dh'fhàg e Take That ann an 1995. Faicibh Dealachadh Take That.
[deasaich] Leis fhèin
[deasaich] As déidh Take That
As déidh dhà Take That fhàgail, anns a' bhad thòisich Williams ga bhogadh fhèin ann an dòigh-beatha Ròc is Roll còmhla ris a' chòmhlan-ciùil Oasis. Lean seo ri strì gu math poblach le drogaichean agus deoch laidir. Chuir e air mòran cuideam agus bhiodh e tric a' nochdadh mar bhurach, gun bhearradh is gun nighe. As déidh dhà agus Oasis a dhol a-mach air a chéile gu math poblach, thug Noel Gallagher "That Fat Dancer from Take That" air.
Cha robh meadhnan ciùil na RA den bheachd gum biodh an Williams mì-mhodhail seo soirbheachail mar neach-ciùil. Bhathar an dùil gum biodh buill eile bho Take That na bu shoirbheachail, gu h-àraidh Gary Barlow agus gu h-ìre Mark Owen.
[deasaich] Life Thru A Lens
Ann an 1996, bha Williams deiseil a dhreuchd mar sheinneadair leis fhéin a thòiseachadh gu ceart. Mar a chiad chlàr aige, chuir e a-mach "Freedom", seann òrain le Seoras MacGhilleMhichel anns an Lùnasdal. As déidh greis ann an clionaig deoch-laidir, chadh "Freedom" a leantainn le "Old Before I Die". Ràinig an dithis aca àireamh a Dhà air na chartaichean RA. Lean seo gu foillseachadh a chiad chlàr, Life Thru A Lens", nas anmoiche ann an 1997.
Bha "Freedom" agus "Old Before I Die" air Life Thru A Lens - ach bhathar a' beachdach gun robh e na bhriseadh dùil agus cha do shoirbhich an ath dhà chlàr idir, B' iadsan "Lazy Days" agus "South of the Border".
[deasaich] Angels
An t-òran mu dheireadh a chaidh a chur a-mach bhon chlàr aig àm na Nollaig 1997, bha "Angels" na oran gaoil, agus thog e Life Thru A Lens gu àireamh a h-Aon air na chartaichean, (28 seachdainean as déidh dhà a sgoileadh). Tha cliù aige mar an t-òran a shabhail dreuchd Williams, agus tha e fhathast gu math taitneach gu móran an-diugh.
Dh'fhás Williams ainmeil gu math luath anns an Rioghad Aonaichte le moran chlàran eile a' dol a-steach dhan Phrìomh Deich, ach cha robh buaidh mhór aige anns na Stàitean. Bha Millennium, steidhichte air criomag bhon òran James BondYou Only Live Twice, na àirmah a h-Aon anns an RA an an 1998 ach cha d'ràinig e ach àireamh 72 sna Stàitean.
[deasaich] I've Been Expecting You
Lean an dàrna chlàr "I've Been Expecting You" air an dàigh James Bond is chaidh e gu àireamh a h-Aon anns an Damhair 1998. Ann an 1999, dh'obraich e le Tom Jones air a chlàr Reload.
Bha òran soirbheacail eile aige ann an [[2000] le "Rock DJ", ach b'e am bhideo don òran a ghoid na ceann-naidheachdan. Anns a' bhideo, bha Robbie a' nochdadh aig roller disco nuair a ruisg e dheth aodach agus an uairsin a chraiceann, a fheòil fhèin buill-bhodhaig, gam biadhadh dha na dannsairean boireannach gus nach robh ach cnamhach a' dannsa. Bha móran connspaid ann a thaobh a' bhideo is chaidh a thoirmeasg ann an iomadh duthaich.
[deasaich] Sing/Swing When You're Winning
As déidh an treasamh chlàr shoirbheachail Sing When You're Winning ann an 2000, chaidh soirbheachadh Robbie a dhearbhahd ann an 2001 nuair a ràinig e àireamh a h-Aon aig àm na Nollaig còmhla ris a' bhan-chleasaiche Astràilianach, Nicole Kidman, a' seinn an t-seann òran le Frank and Nancy Sinatra, Something Stupid.
Nochd Somethign Stupid air a' chlàr Swing When You're Winning, far an do sheinn Robbie iomadach òrain chlasaigeach mar "Ain't That A Kick In The Head" agus"Mack The Knife". Nochd an ath-chlàradh den òran leBobby Darin, "Beyond the Sea" ann am Finding Nemo ann an 2003
[deasaich] Escapology
Ann an 2002, sguir Robbie dheth sgrìobhadh còmhla ri a chom-pairteach-sgrìobhaidh, Guy Chambers. Ach, thàinig iad comhla a-rithist sia miosan as déidh sin airsonEscapology, a chaidh a sgoileadh anmoch ann an 2002. Bha clàr eile aige, "Feel," gu math soirbheachail san Roinn Eòrpa, 's e a' dol còmhla ri bhideo spaideil far an do nochd Darryl Hannah.
Chaidh an ath bhideo de "Come Undone," a ghearradh gu mòr le MTV air sgàth's gun do sheall e Robbie a ' dèanamh an oba-noga le dà bhoireannach phiosail. Cuideachd, bha mòran bhiastagan is daolagan anns a' bhideo. Aig an àm seo, dhealaich Robbie is Chambers gu oifigeil.
[deasaich] A dhreuchd o chionn ghoirid
Ann an 2002, chaidh Robbie a thaghadh mar fear dhe a' cheud Breatannaich as fhearr leis a' BhBC ach chaidh a thaghadh mar fear dhe na Breatannaich as miosa le Channel 4 ann an 2003.
Chaidh a bheath-eachdradih oifigeil a sgrìobhadh le Chris Heath, "Feel", agus chaidh fhoillseachadh ann an 2004. Dh'innis e mu na tachartasan a thàinig gu bàrr leis an "Live Summer Tour 2003", far an do chluich Williams air beulaibh barrachd is millean duine thairis air trì làithean ann an Lùnasdal ann an Knebworth Park ann an Hertfordshire, le 3.5 millean a bharrachd ga choimhead beò air telebhisean agus air an Eadarlìon. Ro Knebworth, anns an Dubhlachd 2003, rinn Williams tour de Astràilia agus an Sealainn Nuadh còmhla ri Duran Duran.
On a dhealaich e bho Chambers, tha Robbie air fheuchainn gus a luch-cainidh aicheadh. Leis a' chom-paitreach-sgriobhaidh ur, Stephen Duffy, tha RObbie air iomadh oran eile a sgriobhadh, a' toirt a-steach an t-aireamh a hAon, "Radio"
Nochad Radio air na "Greatest Hits" aige anns an Damhair 2004. Nochd Williams aig Live 8 ann an Lunnainn far an robh e na rionnag air an latha. Sheall e cho math' s ath a e mar sheinneadair agus a chomas le uimhir de dhaoine, gu h-araidh nuair nach robh fios aig moran air na faclan do "Feel".
Chuir Williams a-mach Clar Ur anns an Damhair 2005 air a bheil Intensive Care, a' beachdachadh air meadhan aois agus na trioblaidean is dubhlain a tha na luib, chaidh e gu h-aireamh a h-aon agus bha digh reggae air moran dhe na orain.
[deasaich] Dòigh-beatha Robbie
Tha Robbie singilte an-dràsta, 's e a' fuireach ann an LA, California. Tha mòran beachdachadh a' dol ann am meadhanan na Breatainne mu dheidhinn a ghnèthachd mì-shoilleir agus a bheatha-gaoil. Tha Robbie air ìomhaigh mar gaoladair spaideil a bhrosnachadh agus tha móran sgeulachdan ann a' bruidhinn air a chomasan ann an leabaidh. Bidh e tric a' tagahdh bhoireannaich bhon luchd-éisteachd aig na cuirmean aige, agus a' toirt pòg (leis an teanga) dhaibh.
Ach bidh na sgeulachdan seo a' nochdadh gu math tric nuair a bhios clàr ùr aige ri reic.
[deasaich] Clàran
[deasaich] Clàran Stiùideò
- Life Thru a Lens (1997); #1 RA
- I've Been Expecting You (1998 (RA) / 2002 ( SA )); #1 RA
- The Ego Has Landed (1999); #63 SA (Direach ann an Ameireaga a'Tuath)
- Sing When You're Winning (2000); #1 RA, #110 SA
- Swing When You're Winning (2001); #1 RA
- Escapology (2002); #1 RA, #43 SA
- Intensive Care (2005)
- Rudebox (2006)
- Let's Swing Again (2007)
[deasaich] Clàran 'Beò' agus cro-chruinneachan
[deasaich] Clàran Singilte
- Lun 1996 "Freedom" RA: #2 a'Ghearmailt: #10
- Gib 1997 "Old Before I Die" RA: #2 a'Ghearmailt: #37
- Iuch 1997 "Lazy Days" RA: #8 a'Ghearmailt: #90
- Sult 1997 "South of the Border" RA: #14
- Dubh 1997 "Angels" US: #41 RA: #4 a'Ghearmailt: #9 a'Fhraing: #7
- Mar 1998 "Let Me Entertain You" RA: #3
- Sult 1998 "Millennium" US: #72 RA: #1 a'Ghearmailt: #41 a'Fhraing: #16
- Dubh 1998 "No Regrets/Antmusic" RA : #4 a'Ghearmailt: #60 a'Fhraing: #67
- Mar 1999 "Strong" RA: #4 a'Ghearmailt: #68 a'Fhraing: #99
- Samh 1999 "She's The One/It's Only Us" RA: #1 a'Ghearmailt: #27 a'Fhraing: #74
- Dubh 1999 "Win Some Lose Some" Direach mar clàr singilte ann an New Zealand
- 1999 "Karma Killer"
- Mar 2000 "United"
- Lun 2000 "Rock DJ" US Hot Dance Music/Club Play: #25 RA: #1 a'Ghearmailt: #9 a'Fhraing: #40
- Damh 2000 "Kids" (le Kylie Minogue) RA: #2 a'Ghearmailt: #47
- Dubh 2000 "Supreme" RA: #3 a'Ghearmailt: #14 a'Fhraing: #12
- Gib 2001 "Let Love Be Your Energy" RA: #10 a'Ghearmailt: #68
- Iuch 2001 "Eternity/Road to Mandalay" RA: #1 a'Ghearmailt: #7 a'Fhraing: #45
- Damh 2001 "We Are The Champions" (le Queen)
- Dubh 2001 "Somethin' Stupid" (le Nicole Kidman) RA: #1 a'Ghearmailt: #2 a'Fhraing: #16
- Gear 2002 "Better Man" direach mar clàr singilte ann an Austrailia
- Mar 2002 "Mr. Bojangles/I Will Talk And Hollywood Will Listen" a'Ghearmailt: #77
- 2002 "Mack The Knife" direach ann am Mexico
- Gib 2002 "My Culture" (1 Giant Leap feat. Maxi Jazz & Robbie Williams) RA: #9 a'Ghearmailt: #69
- Dubh 2002 "Feel" na Staitean Aonaichte: #40 RA: #4 a'Ghearmailt: #3 a'Fhraing: #6
- Ceit 2003 "A Man For All Seasons" (bhon film Johnny English)
- Gib 2003 "Come Undone" RA: #4 a'Ghearmailt: #16 a'Fhraing: #49
- Iuch 2003 "Something Beautiful" RA: #3 a'Ghearmailt: #46 a'Fhraing: #70
- Damh 2003 "Feel (Live)" (bho "Live At Knebworth")
- Damh 2003 "Hot Fudge (Live)" (bho "Live At Knebworth")
- Samh 2003 "Sexed Up" RA: #10 a'Ghearmailt: #53
- Damh 2004 "Radio" RA: #1 a'Ghearmailt: #2 a'Fhraing: #48
- Dubh 2004 "Misunderstood" RA: #8 a'Ghearmailt: #20
[deasaich] Notaichean
- Template:Note Template:Book reference
[deasaich] References
[deasaich] Ceanglaichean a-muigh
- Larach-lin Oifigeil
- Robbie Williams Ultimate Fan Club
- http://www.rw-world.com
- http://www.robbiewilliams-info.com
- http://www.robbiewilliamslive.com
- http://www.robbiewilliams-tr.com
- http://www.robbiewilliams-info.com
- http://www.fans-supreme.de
- http://www.robbiewilliams.nu
- http://www.robbiewilliams.pl
- Robbie Williams lyrics