Aiseag
As a'Wikipedia
Se seòrsa bhàta a tha ann an aiseag a ghiùlaineas daoine, caraichean, beathaichean is nithean eile, thairis air abhainn, no cuan cumhang. Bho thùs, bha ciall caran eadar-dhealaichte air “aiseag” sa Ghàidhlig: àite far an robh bàta-aiseig a’ dol, neo a’ ruighinn. Uime sin, tha “bàta-aiseig” buileach ceart.
Ann an Alba, air sgath gu bheil ceudan de eileanan ann, agus caolas gu leòr, tha mòran aiseagan ann, m.e. air Sruth na Maoile eadar Alba is Èirinn, eadar na h-Innse Gall, Arcaibh, Sealltainn agus/neo mòr-thir na h-Alba, agus eadar Alba is Na Tìrean Iosal (Ros Saidhe is Zeebrugge 7c. B’àbhaist dha aiseag a dhol eadar Àrd Rosain is Dùghlais an Eilean Mhannain.
Gheibhear aiseagan ainmeil eadar Sasainn-a-deas agus a’ Fhraing (neo Breatainn Bheag), Eilean-a-Tuath is Eilean-a-Deas ann an Sealainn Nuadh, eadar Kowloon is Eilean Hong Kong (a chleachd mìltean gach latha), Èirinn is a’ Chuimrigh, an Spàinn is Maroc agus thairis abhainn farsaing mar am Mississipi, Volga, Danube agus Yangtse.
Categories: Uisge | Trafaig | Bàtaichean