An Dara Shealladh
As a'Wikipedia
'S e an comas a bhith a' faicinn thachartasan san àm ri teachd a th' anns an dara shealladh. Ged tha e coltach gu bheil an comas seo aig mòran dhaoine air feadh an t-saoghail, gu h-araidh ann an Tibet agus cultaran shamanach eile, tha an dara shealladh na rud cudromach ann an cultar nan Gaidheal. Tha uamahas de sgeulachdan air a' Ghàidhealtachd mu dheidhinn tachartasan air a chaidh iomradh a thoirt fada mus do thachair iad.
[deasaich] Cultar Spioradail
Bhiodh an dara shealladh ag obair ann an iomadach dòighean, uaireannan bhiodh am fàidh, an duine no an tè aig an robh an dara shealladh, a' faicinn samhla, mar chiste-laighe, no solais dìomhair fad air falbh air a' mhointeach, nach gabhadh lorg. (Tha deagh eisimpleir de seo ri faotainn anns an òran Runrig, Cnoc na Feille) Aig àmannan eile, bhiodh na fàidhean fhèin a' toirt iomradh air na tachartasan fhèin, mar a rinn Coinneach Odhar nuair a rinn e iomradh air Seòilad a' Ghlinne Mhòir, corr is da cheud bliadhna mus deach a thogail. Thuirt e gum biodh luing a' seoladh seachad air Tom na h-Iubhraich aon latha.
[deasaich] Cumhachd Mhòr
Bha cumhachd mhòr aig daoine leis an dara shealladh, agus airson a' mhòr-chuid, bhiodh iad a' toirt sgeul air droch thachartasan, mar bhàs dhuine. Thathar a' radh gum b'urrainn dha fàidh innse nuair a chaochladh cuideigin 'sa bhaile. Tha mòran dhoaine fhathast a' creidsinn anns an dara shealladh mar Fergie Domhnallach, an cluicheadair bocsa Muideartach ainmeil.