Brosnachadh Bhruis
As a'Wikipedia
Se fear de na laoidhean naiseanta na h-Alba sa tha ann am Brosnachadh Bhruis (Scots Wha Hae) le rA
[deasaich] Rannan
‘Threun’, le Uallas, dh’fhuiling creuchd! ‘S le Bruis chaidh dàn’ gu àr nan euchd! Nis iarraibh bàs am blàr nam beum, No buaidh gu treun ‘san strìth!
Seo latha ‘chruais—an uair tha làth’ir! Feuch feuchd fo’n cruaidh air cluan an àir! A teachd le’n uaill gu buaireas blàir! A dheanamh tràillean dhìbh!
Có thig do’n strìth neo-dhìleas, claon? Có dh’ianadh uaigh ach cluan an raoin? Có striocadh sios gu dìblidh faoin Air cùl nan claon-fhear clìth?
Có ‘n càs an rìgh, a rìogh’chd ‘sa reachd, Bheir beum nan geur-lann treun an gleachd, Gu buaidh am blàr, no bàs ‘na bheachd, An gaisgeach leanadh mi
Ar truaighe ‘s teinn, ar n-ainneirt chruaidh, ‘Sar sliochd an sàs na’n traillibh truagh’; O’r cuislibh tràight’ air sgàth ar sluaigh, Thig saorsa bhuan le sìth
Biodh uaibhrich sleucht’ fo’r beuma bàis; Fear ainneirt dh’eug ‘nuair ghéillead nàmh, Tha saorsa fhéin a’m beum ‘ur làmh ‘Nis buaidh no bàs ‘san strìth</nowiki>