Coinneach I na h-Alba
As a'Wikipedia
[deasaich] Rìgh nan Gaidheal, Rìgh nan Cruithneach
Coinneach ‘Cruaidh’ mac Alpin:
Phòs seanair Choinneich ,Eoch (air a neo ‘Achaius’ ann an Laideann) , bana-phrionnsa Cruithneach den ainm Unguia – nighean Righ nan Cruithneach Unguis.Mar seo bha ceangal aig Alpin agus a mhac, Coinneach, ri teaghlach rioghal nam Cruithneach.
Ged a bha càirdeas eadar Righ nan Sgaothaich (air a neo Gaidhil neo ‘Scoti’ san Laideann) agus Rìoghachd agus Rìghrean nan Cruithneach cha robh a mhòr t-sluagh Cruithneach no na h-uaislean aca deonach an leigeal a steach mar tighearna. ‘Nuair a chaidh na Lochlannaich is na Cruithnich a chogadh an aghaidh a-chèile chàisg Coinneach a làmh an àite a dhol a chuideachadh nan Cruithnich – seo ged a bha fios aige gum biodh dùil aig na Lochlannaich cumhachd fhaighinn air dùthaich nan sgaothach (ris an canar ‘Dal-Riada’) an dèidh dhaibh sgrios a dhèanamh air arm agus uaislean nan Cruithneach. Thuit Rìgh nan Cruithneach – Uen – agus a bhràthair Bran a chogadh nan Lochlannach agus còmhla riutha bha mòr-bhàs ann am measg nan uaislean is tighearnan eile Cruithneach.
Sheas Coinneach a-steach do dhùthaich nam Picteach cho luatha sa b’urrainn dha oir bha dùil aige a ghlèidheadh mar pàirt den rìoghachd aige fhèin.
Bha neach eile ann, de’n ainm Ured, a ghlac an t-slat rìoghail. Chan eil fhios an robh Ured agus Coinneach fàisg air a-chèile mar a bha an rìgh aosd Cruithneach agus mac Alpin ach ma bha (agus chan eil cinnt sam bith gun robh càirdeas eadar an dithis) cha robh iad ro mheasail air a cheile. Mar a thachair, thàgh na h-uaislean Cruithneach a bha air fhàgail mac Alpin agus chaidh an cumhachd rioghail a spìonadh a làmh Ured agus a thoirt do Choinneach sa bhliadhna 843.
Agus ‘sann mar seo a thainig an dà rioghachd – Dal Riada agus Pictavia mar a channar ann an Laideann – ri chèile agus thòisich eachdraidh ar dùthcha fhein, Alba.
Aistean co-cheangailte: