Juventus
As a'Wikipedia
Sgioba ball-coise Eadailteach bho Turin. 'Se "Juventus" am facal Laideann airson "Ògalachd". 'Se Juventus an sgioba is buadhaicheal ann an eachdraidh ball-coise Eadailteach agus 'siad aon de na sgiobanan is motha agus beartach anns an t-saoghal. Chaidh Juventus a stèidheachadh ann an 1897. Tha iad suidhichte ann an Turin agus 'se la Vecchia Signora, no an Sean Bhoirean, am far-ainm aig an sgioba.
S'ann an Serie B a tha Juventus a cluich an drasta (seasan 2006/2007) ged a chrìochnaich iad anns a chiad àite ann an Serie A an uiridh - chaidh an cuir sios oir bha iad ( còmhla-ri Fiorentina, Lazio, A.C. Milan ) ciontach de choirbteachd.
Tha an sgioba air buaidh a dhèanamh air Serie A 28 turas agus an Coppa Italia 9 thurais. Tha Juventus air barrachd gheamanan a bhuannachadh na sgioba sam bi eile Eadailteach. Ann an Co-fharpaisean Eòrpach tha iad air trì Cupanan UEFA agus dà Chupa na Roinn Eòrpa a bhuannachadh.