Meatailt dubh
As a'Wikipedia
'S e seorsa de cèol meatailt a th'ann am meatailt dubh, a thoisich anns na 1980an agus 1990an, gu h-araid anns an Nirribhidh. Thanaig an cèol seo bho meatailt marbh, (a bha e fheinn a'tighinn bho meatailt slaic), agus daoine a'smaointing nach robh e "extreme" gu leor.
Tha dha sealladh den cèol seo: mar seorsa de cèol a feumaidh a bhith de aon stoighle mionaideach, neo de cèol anns a tha na faclan agus na smaointin nas cudthromach, leis an cèol fheinn a bhith de moran diofar seorsa.
Thanaig an t-ainim meatailt dubh bho "Black Metal", clàr aig Venom, comhlan Breatannaich. Ged a thug Venom an t-ainim gun cèol, cha robh iad a'cluich an aon seorsa ceol de comhlanan mar Mayhem agus Immortal - mar eiseamplear, cha robh an seinn aca den seorsa sgreuchail a tha moran comhlanan meatailt dubh a'cleachdadh. Bha comhlanan mar Hellhammer/Celtic Frost, Mercyful Fate agus gu h-araid Bathory gle cudthromach anns an toisech de meatailt dubh.
Thoisich meatailt dubh anns an stoighle a tha nas ainimeal an-diugh le comhlanan anns an Nirribhidh, mar Darkthrone, Satyricon, Mayhem, Emperor, Immortal agus Burzum (ach latha an-diugh, tha moran de na comhlanan seo a tha fhathast ann air a tionndadh an stoighle aca gu rudaigean diofairte). Thug seo piosan bho meatailt nas soirbheachail agus ceol classigeach, airson a deanabh ceol uair a bha gu math borb (ach cuideachd, bhiodh na tha ag eisteach rith ag ratha, gu math àlain), le faclan daonan an adhaigh Chrìosdach, agus cuideachd ag ratha rudan math mu dheidhinn creideamhan Paganach neo Sàtanach.
Rudaigean a tha co ceangailte rith meatailt dubh anns na h-inntinean aig moran daoine (ach nach eil mòran comhlanan a'deanabh a-nis), 's e a'cleachdach "corpse paint", peant aodan dubh agus geal a tha air a'cleachdadh airson a'toirt an seorsa de aodan a tha aig cuideagan marbh gun am fear (neo uaireanan an tè, ach tha meatailt dubh fhathast, mar meatailt gu lear, seorsa ceol far a bheil duine a'cluich pairt nas mor na boireanaichean). Cuideachd, tha daoine ann an comhlanan meatailt dubh uaireanan a'toirt ainimean eile nuair a tha iad a'cluich an ceol. A bhor cuid den aoine, 's e ainimean co ceangailte ris na [[Viking]an, neo rith marbh, a thann. Tha na dha seo cuideachd a'toirt barrach neo-ainimich gu na daoine.
[deasaich] An Cèol
' S e seo liosta de rudan a tha daonan anns an fuaim meatailt dubh (ach nach eil anns an obair de a h-uile comhlan):
- Giotaran gu math luatha.
- Faclan glè eu-dòchasach, a tha an aghaidh Chrìosdach, neo/agus ag ratha rudan math mu dheidhinn creideamhan Paganach neo Sàtanach. Chan eil seo direach rudaigean meatailt dubh - tha comhlanan mar Slayer agus Deicide a'seinn mu dheidhinn na h-aon seorsa rudan, ach tha an ceol acasan meatailt slaic neo meatailt marbh.
- Aig an toiseach, bha moran den cèol a clàradh gu math dona, airson a deanabh faireachd somhraichte, neo mar aragamaid an aghaidh a mhòr cuid de ceol - neo direach air t-saileabh nach robh gu leor airgead aig na comhlanan! Leis an ceol air a'faidhinn nas soirbeachail, chan eil seo a'tachairt leis an ceol de a mhor cuid de comhlanan a-nis. Tha Darkthrone eisemplear math de comhlan a tha fhathast a'cleachdach an fuaim seo nuair a tha iad a'clàradh an cèol aca.
- Tha na drumaichean gu math luatha, agus daonan a'cleachdach "blast beats". Ach uaireanan, gu h-araid nuair a tha an cèol nas àileach, tha na drumaichean nas slaodach.
- Uaireanan tha meur-chlàr air a'cleachdach, gu h-araidh nuair a tha an cèol nas simphineadh ann an fuaim ('s e eiseamplear math de seo an comhlan Dimmu Borgir).
- Seinn gu math àrd, sgreuchail (tha seo a deanabh e dioramh a'cluinntin na faclan, uaireanan). Ach tha moran comhlanan a'cleachdadh stoighlean diofairte, nas tradiseanta neo co ceangailte rith seorsan eile de meatailt.
- Chan eil an rithim cho cudromach rith ann an seorsan eile de meatailt, mar meatailt marbh.
[deasaich] Eadraidh
Mar a tha air ag radh mar tha, bha Venom gle cudthromach gu meataild dubh, ged nach eil an ceol aca direach an aon rud.
' S e an duine as cudthromach gu meatailt dubh, aig an toiseach, Øystein Aarseth (a bha a'cleachdadh an t-ainim Euronymous). Bha e a'cluich an giotar airson an comhlan Mayhem. ' S e Aarseth agus an "inner circle" - na duine a bha as cudtromach anns an sealladh - a bha as cudthromach ann an meatailt dubh aig an toiseach. Bha iad a'coinneachadh aig an bùth aige, Helvete (ifrinn). Ann an 1993, muirt Varg Vikernes e, a'cur sgian ann barrachd a fichead tursan (ach tha Vikernes fhathast ag ratha nach robh e ach mu coig tursan, agus thuit Aarseth air glainne bristeadh). Thuair Vikernes 21 bliadhna anns a phriosan, agus latha an diugh chan eil e pairt den sealladh meatailt dubh, a-nis co ceangailte rith comhlanan Nazi. ' S e s'docha air t-saileabh air Vikernes a tha daoine ann a tha a'smaointin air meatailt dubh mar ceol neo Nazi, ged gur e direach pairt beag den sealladh a tha comhlanan mar sin, agus tha a bhor cuid a'cur astar eadar iad fheinn agus smaointin Nazi.
Aig an toiseach, agus latha an diugh, bha an sealladh meatailt dubh gle an adhaidh creideamh Chrìosdach, agus ag iarraidh an Nirribhidh a'dol air ais gu na ciad creideamhan aice. Aig deireadh na 1980an agus toiseach na 1990an, losg daoine anns an sealladh meatailt dubh air eaglaisean (ann an Nirribhidh, tha moran eaglaisean air a'deanabh le fiog).
Thanaig meatailt dubh suas anns na naidhdean a-rithist nuair a losg an seinnadair de Mayhem air e fheinn, a sealltain co ceart 's a bha an t-ainim ciul aige: Death. Sgriobh e litir ag ratha gu robh e duilich mu dheidhinn an fhuill, agus thug Aarseth dealbhan den cuirp, a bha air a cleachdadh air aon de na claran aig Mayhem.
Latha an diugh, chan eil an ainneart seo pairt mòr de meatailt dubh, le a bhor cuid de comhlanan direach a'deanabh an ceol, agus a stad air na rudan eile a tha ceangailte ris an ceol. Tha moran de na comhlanan a bha ann aig an toiseach fhathast an seo. Cuideachd, tha comhlanan bho duthaichean eile nas cudthromach anns an sealladh latha an diugh, gu h-araid an An t-Suain, Fionnlainn, agus duthaichean ann an Eorpa an ear. Tha barrachd diofar fuaimean anns an ceol a-nis, le ceol tradiseanta, techno, ceol classigeach, agus moran eile, a nis air a cur comhladh ris an fuaim tradiseanta airson meatailt dubh.