Rob Donn MacAoidh
As a'Wikipedia
Rugadh Rob Donn MacAoidh (1714 - 1778) ann an Allt na Caillich ann an Dùthaich MhicAoidh. Nuair a bha e fhathast na ghille òg chaidh e dh'fhuireach ann an taigh Iain MhicEachainn, fear-taca na sgìre. Bha Rob na chìobaire do dh'Iain MacEachainn agus cuideachd thug e a dhà no thrì bliadhnaichean anns an arm.
Bha liut air leth aig Rob Donn air a bhith a' dèanamh bàrdachd agus gu sònraichte air a bhith a' fanaid air daoine a b'aithne dha - ge b'e cho àrd no ìseal 's a bha an seasamh sa choimhearsnachd - agus tachartasan a ghabh aite ann an Dùthaich MhicAoidh. Dh'fhàg e còrr is dà cheud dàn as a dhèidh, air an sgrìobhadh sìos le daoine a bh' air èisteachd riutha o bheul a' bhàird fhèin.
A-measg nan dàn as ainmeile aige tha marbhrann sgaiteach a sgrìobh e do chloinn Fhir Taigh Ruspainn, marbhrann àlainn do dh'Iain MacEachainn agus dà òran a' nochdadh bàidh don Phrionnsa Tearlach, ged nach b'ann air taobh a' Phrionnsa a bha Dùthaich MhicAoidh. Sgrìobh e cuideachd 'Cead Fhir Bhìoguis don Fhrìth', a tha a' nochdadh na tlachd a bha e a' gabhail ann a bhith a' sealg, agus òran-gaoil ainmeil a tha fhathast ga sheinn an-diugh, air a bheil 'Iseabail NicAoidh'. Bha deagh chuid de na dàin aige air leth èibhinn agus tha fear aca seo fhathast ga sheinn gu tric cuideachd, 'Briogais Mhic Ruaraidh'.
Cha robh sgoil aig Rob ach bha e eòlach air obair a' bhàird Shasannaich ainmeil Alexander Pope, tro chomhraidhean le ministear na sgìre, an t-Urramach MacDhomhnaill, agus chithear a' bhuaidh a bh' aig stoidhle agus smuaintean Phope air torr den bhàrdachd aig Rob Donn ach gu sònraichte air na marbhrainn.