Rolling Stone
As a'Wikipedia
Is e Rolling Stone iris Aimerigeanach mu dheidhinn ceòl agus cultar poblach.
Bha e air a steidheachadh ann an San Francisco ann an 1967 le Jann Wenner (a tha fhathast na dheasachair) agus sgrùdaire-ceòl Ralph J. Gleason. An toiseach bha e a' dol comhla ris agus ag iomradh air an cultair hippie a bha cumanta den àm. An toiseach bha iad cuideachd a' cur astair eadar iad fhèin agus na beachdan bunasach aig pàipearan eile coltach riuth ach troimh na seachdadan bhiodh susbaint aig feadhainn dha na pìosan aca a' beantainn barrachd ri saoghal poileataigs gu h-àraid troimh Hunter Thompson nuair a thoisich e a' sgriobhadh dhaibh. Chuidich an iris toiseachadh dreuchdan daoine mar Cameron Crowe is Greil Marcus am measg feadhainn eile.
Anns na h-ochdadan bha an iris a' fàs na bu corporra agus bha feadhainn de na sgriobhadairean aosd a' fàgail agus feadhainn ùr a' gabhal na h-àitean aca. Tric a-nis bhiodh e cumanta luchd-cleasaiche fiolm a bhi air a chomhdach an àite rudan neo daoine co-cheangailte ri ceòl.
Ann an 2004, airson cùmail dè bha iad a' faicinn mar an '50mh cò-là-breith aig roc', chuir iad ri cheile sreath de chlàran mar 'The 500 Greatest Albums of All Time' a' moladh agus ag aithneachadh euchdan eachdraidheal anns an seòrsa ceòl seo.