Seachd
As a'Wikipedia
Template:Infobox
Film Gaidhlig Albannach le Simon Miller, a stiùireadh airson a chiad uair, stòiridh le Simon Miller agus Joanne Cockwell. Tha a chleasaiche òg Pàdruig Moireasdan ann leis am bàrd is sgrìobhaiche Aonghas Pàdraig Caimbeul. Thoisich filmadh anns an Giblean 2006 timcheall air Am Bioran Do-Ruigsinneach aig mullach Sgurr Dearg anns a Chuilitheann anns an t-Eilean Sgitheanach, agus chrìochnaich e anns an Òg Mhios 2006. Bi prìomh-taisbeanadh am film aig an Celtic Media Festival (http://www.celticfilm.co.uk/) ann an Mart 2007.
Clàr-innse |
[deasaich] Stoiridh
Làn fhìrinn na sgeòil. Tha Aonghas air a bhith air tòir na fìrinn o òige, miann a tha a' teannachadh na inntinn 's na chorp nuair a thuigeas e gu bheil am bàs gu laighe air a Sheanar. Tha fios aig Aonghas gu bheil an t-àm dha eòlas a chur air an fhìrinn mu bhàs a phàrantan 's cuideachd mu sgeulachdan a Sheanair, sgeulachdan iongantach, eagalach a thug air cuairt tro eachdraidh nan Gaidheal iad. Tha Aonghas 's a Sheanair a' gabhail aon chuairt eile còmhla, cuairt a tha gan toirt gu mullach Sgùrr Dearg 's gu fìrinn ris nach robh dùil sam bith.
[deasaich] Sgioba Cleasaichean
- Aonghas Pàdraig Caimbeul mar Seanair
- Pàdruig Moireasdan mar Aonghas (aois 9)
- Colla Dòmhnallach mar Aonghas (aois 20)
- Dolina MacLennan mar Seanmhair
- Daibhidh Walker mar Eardsaidh
- Winnie Brook Young mar Màiri
- Crisdean Dòmhnallach mar Donnchadh
- Annie NicLeòid mar Akira Gunn
- Calum MacFhionghain mar An Draoidh
- Scott Handy mar Patrick Loch
- Toby Robertson mar An Diùc
- Màrtainn Mac an t-Saoir mar Athair Akira
- Iain Macrae mar An Dòmhnallach
- Vidal Sancho mar An Spàinnteach
- Isabel NicRath mar Sìleas
- Meg Bateman mar Mathair Sìleas
- Tearlach Quinnell mar Each Uisge
- Kathleen Macinnes mar Catriona
- Eòghainn MacFhionghain mar Calum
- Aonghas MacDhòmhnaill mar Am Mac Bu Shine
- Kathleen NicDhòmhnaill mar Eilis NicLeòid
- Iain “Seonachan” MacLeòid mar Ailig
- Aonghas Iain MacDhòmhnaill mar Eòghainn
- Lachlan Graham mar Neach-Leanmhainn
- Niall Caimbeul mar Geàrrd/Neach ciùil
- Coinneach MacEalair mar Saighdear
- Jim Sutherland mar Neach ciùil
- Marian Lloyd mar Neach ciùil
- Iseabail Strachan mar Neach ciùil
- Fiona NicAsgaill mar Neach ciùil
[deasaich] Riochdachaidh
Ri thighinn…