Rangers
As a'Wikipedia
Sgioba ball-coise ann an Glaschu. Buannaidh iad gu tric, ach tha iad ainmeil airson an sectarianism aig na fans. 'Se Rangers an sgioba is buadhach anns na co-fharpisean ball-coise Albannach ach chan eil iad a riamh air deanamh cho mar 'sa bu choir dhaibh ann an co-fharpis eadar-naiseanta mar Cupa na Roinn Eorpa. Tha co-dheuchainn mòr,ainmeil eadar Rangers agus sgioba eile a Glaschu, Celtic. Tha toir den bheachd gur e na geamanan eatarra, ris an canair an geam 'Old Firm', an geam is fiathaich anns an t-saoghal agus b'abhaiste dha gu leòr trioblaid a bhith ann eadar na luchd-leantainn le sabaid mùirt an dèidh geamannan.
[deasaich] Manaidsearan
Chan eil ach 12 manaidsearan air a bhith aig Rangers nan eachdraidh. An-drasta, tha an sgioba gun mhanaidsear leis a' mhanaidsear as uire, Pòl le Guen a' leigeil dheath a dhreuchd as deidh sreath de dhroch chluich.
Uilleam Wilton 1899-1920 10 Tiotalan Lige, 4 Cupannan na h-Alba
Uilleam Struth 1920-54 18 Tiotalan Lige, 10 Cupannan na h-Alba, 2 Chupa na Lige
Scot Symon 1954-67 6 Tiotalan Lige, 5 Cupannan na h-Alba, 4 Cupannan na Lige, da thuras ann an cuiart-dheireannach European Cup Winners Cup
Daibhidh Macillebhain 1967-69 Gun duais
Uilleam Waddell 1969-72 European Cup Winners Cup, Cupa na Lige
Iain Uallas 1972-78, 84-86 3 Tiotalan Lige, 3 Cupannan na h-Alba, 4 Cupannan na Lige
Iain Greig 1978-1984 2 Chupa na h-Alba, 2 Chupa na Lige
Graeme Souness 1986-1991 3 Tiotalan Lige, 3 Cupannan na Lige
Walter Mac a' Ghobhainn Smith 1991-1998 7 Tiotalan Lige, 3 Cupannan na h-Alba, 3 Cupannan na Lige
Dick Advocaat 1998-2001 2 Thiotal Lige, 2 Chupa na h-Alba, Cupa na Lige
Alasdair MacGilliosa 2001-2006 2 Thiotal Lige, 2 Chupa na h-Alba, 3 Cupannan na Lige
Pòl le Guen 2006-2007 Gun duais
[deasaich] Duaisean
European Cup Winners Cup : 1972 (1)
Buadhaiche Alba : 1891, 1899, 1900, 1901, 1902, 1911, 1912, 1913, 1918, 1920, 1921, 1923, 1924, 1925, 1927, 1928, 1929, 1930, 1931, 1933, 1934, 1935, 1937, 1939, 1947, 1949, 1950, 1953, 1956, 1957, 1959, 1961, 1963, 1964, 1975, 1976, 1978, 1987, 1989, 1990, 1991, 1992, 1993, 1994, 1995, 1996, 1997, 1999, 2000, 2003, 2005 (51)
Cupa na h-Alba : 1894, 1897, 1898, 1903, 1928, 1930, 1932, 1934, 1935, 1936, 1948, 1949, 1950, 1953, 1960, 1962, 1963, 1964, 1966, 1973, 1976, 1978, 1979, 1981, 1992, 1993, 1996, 1999, 2000, 2002, 2003 (31)
Cupa Lìog na h-Alba : 1946, 1948, 1960, 1961, 1963, 1964, 1970, 1975, 1977, 1978, 1981, 1983, 1984, 1986, 1987, 1988, 1990, 1992, 1993, 1996, 1998, 2002, 2003, 2005 (24)