Coireall còsagail
As a'Wikipedia
Template:Infobox IPA
Tha an coireall còsagail 'na sheòrsa de fuaim co-fhogharach, air chleachdadh ann an roinn nam cànanan air bhruidhinn (mar Rùisis, Spàinnis, Armenianais, agus Pòlainnis). Tha r an t-samhladh 'san Aibidil Eadar-nàiseanta Fogharach a tha riochdachadh fiaclach, còsagail, agus coireallan for-chòsagail, agus tha r 'na shamhadh samhail X-SAMPA. 'S e gu mì-riaghailteach air chantainn ris an ruis luasganach.
Clàr-innse |
[deasaich] Feartan
Feartan an coirill chòsagail:
- Tha a dhòigh na labhairt 'na coireall, a' ciallachadh gu bheil e air chruthachadh leis na luasgain a inneil na labhairt (sa' chùis seo, an mullach còsagail).
- Tha a àite na labhairt còsagail, a' ciallachadh gu bheil e air labhairt leis a bhàrr na teanga an aghaidh na mullaich chòsagail.
- Tha a sheòrsa na fuaimneachadh leis a' ghuth, a' ciallachadh gu bheil na fillidhean a' ghutha a' crith fad na labhairt.
- Tha e 'na chonnrag labhairteach, a' ciallachadh gur adhar saor a theicheadh tron bheul.
- Tha e 'na chonnrag mheadhanach, a' ciallachadh gu bheil e air chruthachadh le a' leigeil an sruthadh-adhair a shruthadh thar an meadhain na teanga, an àite nan taobhan.
- Tha an inneal sruthadh-adhair dol-a-mach sgiamhach, a' ciallachadh gu bheil e air labhairt leis a' bhruthadh an adhair a-mach nan sgiamhan agus tron slighe guthach, an àite na as an sgòrnan no am beul.
[deasaich] Sa' Bheurla
Chan eil coireall còsagail aig a' chuid as motha nan dual-cainntean na Beurla, leis an obadh an dual-cainnt Albannach. Tha doirbh an fuaim sònraichte seo a chruthachadh airson daoine nach eil e aig sa' chànan am màthar.
[deasaich] Ann an cànanan eile
Tha cumanta an coireall còsagail 'sna cànanan Slàbhach mar Ruiseis agus Pòlainnis, cho math ris na cànanan Ròimheach mar Spàinnis, Catalais, Ocsiteanais, Portagalis Ibeireach agus Eadailtis. Tha e a' nochdadh gu follaiseach ann an Bascais. Cleachdaidh na seòrsaichean coitcheanna na Fraingise 'gus na Gearmailtise an coireall na cìche-shluagain an àite, ged cho fuaim eugsamhail. Ge tà, tha an coireall còsagail air chleachdadh anns na dual-cainntean a Deas nan dithis nam cànanan seo. Tha an coireall air lorgadh cuideachd ann an Arabais choitcheann far a tha e air chomharradh leis an litir ر. Tha e air chreidsinn gun robh an fuaim seo aig h-uile nam cànanan Ind-Eòrpach gu tùsail, a' gabhail a-staigh Beurla agus Fraingis.
Ann an roinn nam cànanan, mar eisimpleir Seicis, Slobhacais agus Croatais, 's urrainn dham choireall chòsagail lideach a bhith [r̩], mar eisimpleir 's urrainn dha fuaimreag a chumail ri gun dealbh cridhe de lide mar Seicis krk (amhlaich) no Croatais rt (tonnag). 'S urrainn dhan [r̩] lideach fada ann an Slobhacais a bhith (comharraichte le sràc gheur /ŕ/,) gus Croatais, mar sŕna [sr̩:na].
Tha seòrsa gun labhairt an fuaime seo, [r̥], a' comharradh sa' Chuimris, agus tha e sgrìobhte cho rh, agus tha Breatannais an coireall air a chumail. Ged tachairidh an coireall ann an roinn nan dual-cainntean na Gàidhlige agus na Gaeilge, 'seo gu mòr dlùth-clòdh agus tha an crath nas cumanta am bitheantas. Tachairidh e cuideachd aig an deireadh de lide ann an Innis Tìleis. B' an coireall còsagail cuideachd as coltaiche fuaim eugsamhail ri a mhac-shamhladh air labhairt ann an Sean-Grèigis.
Fuaimnichidh roinn nan luchd-labhairt na Malayalamaise araon nan "ruisean" am cànain cho coireallan. Cuiridh a' mhuinntir seo ro-chòsagail (~ fiaclach) agus coireall for-chòsagail taobh ri taobh: [r̟] vs. [r̠].
[deasaich] Seallaibh cuideachd
Template:Co-fhogharan