Machair (tbh)
As a'Wikipedia
Bha Machair na shiabann-telebhisein Ghàidhlig air a dhèanamh le STV eadar Lùnastal 1992 agus Sultain 1996 agus air a chraoladh ann an Alba leis a' chompanaidh-telebhisein Bhreatainneach ITV. Bha ceithir fichead 's a naoi deug prògraman ann uile gu lèir agus chaidh an dèanamh air fad ann an Leòdhas anns na h-Eileanan Siar.
A-measg sgrìobhadairean na sreatha bha am bàrd ainmeil Aonghas 'Dubh' MacNeacail agus a-meag nan cleasaichean bha Sìm MacCoinnich, Anna Mhoireach, Coinneach MacRath, Donnchadh MacNèill agus Tony Kearney.