Ban-rìgh Ealasaid II
As a'Wikipedia
'S e Ealasaid II (Elizabeth II, breith 21 an Giblean, 1926) Ban-Rìgh an Rìoghachd Aonaichte agus iomadach dhùthcha eile mun cuairt an t-saoghal ris an canar na Riaghaltan Co-Fhlaitheas ; mar eisimpleir Canada.
Gu leir, tha i na monarc tarsainn air Antigua agus Barbuda, Astràilia, Na Bahamas, Barbados, Belize, Canada, Grenada, Jamaica, Sealainn Nuadh, Papua New Guinea, Saint Kitts agus Nevis, Saint Lucia, Saint Vincent agus na Grenadines, Na h-Eileanan Solomon, Tuvalu, An Rìoghachd Aonaichte am Breatainn Mòr agus Eirinn a Tuath.
Chaidh a h-athair, Seòras VI, a chrùnadh an deidh do a bhrathair, Eideard VIII, leigeal an cathair-rìoghail seachad ann an 1936.
Riaghail Seòras VI gu 1952 agus, an deidh do bhàsachadh, chaidh a chrùn gu an nighean is sine aige; Ealasaid. Chaidh a crùnadh mar ban-rìgh air an 6mh den Gearran, 1952. 'S e an duine aice, a phòs i ann an 1947, am Prionnsa Philip, Diùc Dhùn Èideann agus s'ann 'on a'Ghreug a tha e. Tha ceithir chlann aca leis am Prionnsa Tearlach is sine. Tha dà mhac eile aca, Anndra agus Eideard, agus aon nighean, Anne.