Iapan
As a'Wikipedia
|
|||||
Cànan Oifigeil | Iapanais | ||||
Prìomh-bhaile | Tokyo | ||||
Baile as Motha | Tokyo | ||||
Ìompaire: | HIM Ìompaire Akihito | ||||
Prìomh-mhinistear: | Shinzo Abe | ||||
Farsaingeachd: - Iomlan: - % Uisge: |
Reangach: 62mh 377,873 km² 0.8% |
||||
Àireamh-shluaigh: - Iomlan: - Dlùths: |
Reangach: 10mh 127,433,494 (2007) 337/km² |
||||
Cruthachadh: |
Latha Bun-stèidheachaidh Nàiseanta 11, An Gearran, 660 RC Bonn-stèidh Meiji: 1890 Bonn-stèidh Làithreach: 1947 |
||||
Ruith-airgid: | Yen | ||||
Roinn tìde: | JST: (UTC +9) | ||||
Laoidh Nàiseanta | Kimi ga Yo Rìoghachadh Ìmpireil |
||||
Eadar-lìon TLD: | .jp | ||||
Còd Àireamh fòn eadar-naiseanta: | 81 |
'S e dùthaich eileanach a th' ann an Iapan(Iapanais: 日本 Nihon no Nippon, 日本国 Nihon-koku no Nippon-koku gu h-oifigeil) suidhichte far oirthir Àisia an Ear. Tha na prìomh eileanan - Hokkaidō, Honshū, Shikoku, Kyūshū agus Okinawa - am-measg tuilleadh air 6,800 eileanan eile, ach tha 97% de fharsaingeachd na talmhainn gu lèir gan cumail dhaibh fhèin. Tha an cuid as motha dhiubh beanntach, agus mòran dhiubh bholcànach; m.e, 's e beinn-theine a th' anns a' mhullach as àirde, Beinn Fuji. Tha Iapan na laighe ri taobh-sear na Sìne, Coirea 's na Ruise anns a' Chuan Sèimh, a' sìneadh bho Muir Okhotsk san taobh a tuath gu Am Muir Sìneach an Ear san taobh a deas. A thaobh àireamh-shluaigh, 's i an deicheamh dhùthaich as motha anns a' chruinne, le mu 128 millean daoine. 'S e Sgìre Mhòr Tokyo an sgìre àrd-bhailteach as motha air an t-saoghail le tuilleadh air 30 millean luchd-còmhnaidh ann, agus tha seo a' gabhail a-steach prìomh-bhaile Thokyo agus cuid de na sgìrean mun chuairt air.
'S e "tùs-grèine" brìgh nan litrichean ann an ainm na dùthcha, 's mar sin dheth, dh'aithnichear Iapan mar "Tìr Èirigh na Grèine". Tha 日 a' ciallachadh Grian, agus 's e Tùs no Freumh a' bhrìgh a th' air 本。
Bhon a tha Iapan fada gu leòr bho thìr-mòr Àisia, gun a bhith ro fhada air falbh, fhuair i buannachdan às cultar an tìr-mòr, ach cha deach amaladh ann am buaireasan a' mhòir-thìr cho tric rè nan linntean. Bha e an comas dhith buaidhean chultarach à tìrean cèin a dhèanamh freagarrach dhan chultar aice fhèin 's an uairsin gan aonadh ri a leasachaidh. Gheibhear eisimpleirean dhen seo a thaobh biadh na dùthcha, leithid Tempura, le buinteanas ris a' Phortagail. A thaobh litreachais, chaidh an làmh-sgrìobhadh Iapanach, Kana, a chruthachadh às na litrichean iol-fhìllte Sìneach. A thaobh chreideimh, 's ann a bha Buddhadhachd air atharrachadh nuair a chaidh a thoirt a-steach san t-siathamh linn. Cha do sgaoil e measg an t-sluaigh gus an do nochd Hōnen agus Shinran, an fheadhainn a stèidhich an dream Jōdo 's an dream Jōdo Shin.[1]
Clàr-innse |
[deasaich] Cultar
Eu-coltach ri mòran dùthchannan eile, thathas ag ràdh gur e dùthaich gu ìre mhòr aon-ghnèitheach a th' ann an Iapan. Leis a' sin, thathas a' cumail a-mach nach eil mòran caochladh ann an cultar na dùthcha bho sgìre gu sgìre. Chan e a-mhàin gur e àireamh mhòr de dhaoine, a' fuireach gu dlùth air farsaingeachd bheag de thalamh is adhbhar dha sin, ach gu robh an sluagh riamh beò fad linntean fo riaghladh meadhanaichte, a bhiodh a' stiùireadh a h-uile roinn de bheatha an t-sluaigh gu mionaideach mìn. [2]
A dh' aindeoin sin, cha gabh fhàgail air nach e cultar mòr saoibhir a th' ann an cultar Iapain. Tha e ioma-fhillteach, air a dhèanamh air sean is ùr, le deagh mheasgachadh de nìthean cèin is dùthchasach an cois. 'S e coimeasgachadh eileamaidean Iapanach agus Siarach a th' anns na trì rudan riatanach - biadh, aodach agus fasgadh. Tha na h-Iapanaich a' cleachdadh deas-ghnathan à Buddhadhachd 's Shintō còmhla, agus tha tuilleadh air dàrna leth na teangaidh Iapanais air a dhèanamh à faclan freumhaich Sìneach. Thathas am beachd gur e an ùidh a th' aig an sluagh Iapanach ann an cultaran eile agus an seòl a bh' aca rè nan eachdraidh eileamaidean cultarach cèin a thoirt a-steach, gun an cùl a chur air cleachdaidhean is tradiseanan dùthchasach is adhbhar dhan ghnè ioma-fhillteach seo.
[deasaich] Eòlas-sluaigh
Tha an àireamh-shluaigh aig mu 127,700,000 daoine, agus tha mu 98.2% a' bruidhinn Iapanais mar chainnt màtheireil. Tha an còrr a' buntainn do dh' iomadh dhùthaich, an cuid as motha do Choirea (700,000) agus dhan Sìn (350,000). Gheibhear cuideachd sluaighean à Bhiet-Nam, à Braisil , na Stàitean Aonaichte (85,000), an Roinn-Eòrpa (45,000) agus am mion-shluagh dùthchasail a bhuineas do Hokkaidō, agus Honshū a Tuath, na h-Ainu (mu 30,000).
Tha mu 70% dhen t-sluaigh a' fuireach anns a' cheàrn eadar Tōkyo agus Kitakyūshū, ann an eilean Honshū. 'S e A' Bheilg agus Na Tìrean Ìsle far a gheibhear an dlùths àireamh-shluaigh as àirde gu lèir, ach 's e Iapan far a gheibhear an dlùths as àirde a-rèir farsaingeachd thalmhainn air an gabh còmhnaidh.[3]
[deasaich] Sgìrean Iapain
|
|
|
[deasaich] Iomraidhean
- ↑ Japan As It Is/日本タテヨコ;Ceathramh Eagran Dà-chànanach, foillsichte le Gakken
- ↑ Japan As It Is/日本タテヨコ;Ceathramh Eagran Dà-chànanach, foillsichte le Gakken
- ↑ Japan As It Is/日本タテヨコ;Ceathramh Eagran Dà-chànanach, foillsichte le Gakken