Afraga a Deas
As a'Wikipedia
'S e duthaich ann an ceann a deas Afraga a th' ann am Poblach Afraga a Deas. Tha sluagh mu 45 millean daoine a' fuireach ann.
Tha Afraga a Deas ri taobh Namibia, Botswana, Zimbabwe, Mozambique, and Swaziland. Tha duthaich bheag air a' chuairteachadh le Afraga a Deas, 's e Lesotho a tha air.
'S e am baile as motha a th' ann an Johannesburg; tha trì prìomh-bhailtean aig Afraga a Deas, agus 's iad Cape Town, Pretoriaagus Bloemfontein.
Tha aon cànanan deug ann: Afrikaans, Beurla, isiNdebele, Xhosai, Zulu, Swati, Setswana, Sesotho, Sesotho sa Leboa, Tshivenda agus Xitsonga. Ri linn seo, tha ainm oifigeil fa leth aig gach cànan air an duthaich.
'S e an duine as cliùtiche aig Afraga a Deas a th' ann an Nelson Mandela, a bha na cheann-suidhe bho 1994 gu 1999.
|
|||||
Sluagh-ghairm Naiseanta: !ke e: ǀxarra ǁke (Khoisan of the /Xam: Aonaibh Daoine Easgamhail!) [1] | |||||
Cananan Oifigeil | Afrikaans, Beurla, Zulu, Xhosa, Swazi, Ndebele (canan), Sesotho (canan), Northern Sotho (canan), Tsonga, Tswana (canan and Venda (canan) | ||||
Priomh-Bhailtean | Cape Town (reachdail) Pretoria (riochdachail) Bloemfontein (breithneachail) |
||||
Baile as motha | Johannesburg (2001 Census) | ||||
Priomhaire | Thabo Mbeki | ||||
Area - Total - % water |
Ranked 24th 1,219,912 km² Negligible |
||||
Aireamh-shluaigh - Total (2002) - Density |
Ranked 26th 43,647,658 36/km² |
||||
Neo-Eiseimealachd -Date1 |
|||||
Airgead | Rand | ||||
Time zone | UTC +2 | ||||
Laoidh Naiseanta | Nkosi Sikelel' iAfrika (God Bless Africa)/Die Stem van Suid-Afrika (The Call of South Africa) | ||||
Internet TLD | .za | ||||
Calling Code | 27 | ||||
(1) Steidhichte mar Aonadh Afraga a Deas air 31 Ceitean 1910. Chaidh e ann an Poblach Afraga a Deas air 10 Ceitean, 1961. |
Clàr-innse |
[deasaich] Eaconomaidh
Tha sgaradh mòr ann an eaconomaidh Afraga a Deas eadar coitcheannan a' Chiad Shaoghail agus an Treamh Saoghail. Tha na roinnean leasaichte den eaconomaidh gu math coltach ris an fheadahinn aig duthchannan beartach, den leithid an Rioghachd Aonaichte no Astralia. Tha a' chuid eile nas dluithe ris na duthchannan bochda, mar Na h-Innseachan no Pacastan.
'S e minearachd (airson a' mhòr chuid daoimean agus òr), caraichean agus urrasachd a th' anns na priomh gnìomhachasan ann an Afraga a Deas.
[deasaich] Armachd
'S e an armachd as laidire ann an Ceann a Deas Afraga a tha aig Afraga a Deas. Tha e a' cosg barrachd air Armachd na nabaidh sam bith aige agus ri linn seo tha an teicneolas as adhartaiche anns an roinn aige. B' abhaist armachd niuclasach a bhith aig Afraga a Deas ach chaidh an cur à feum ann an 1993.
[deasaich] Duilgheadasan le HIV
Tha mòran dhaoine ann an Afraga a Deas a' fulang le HIV agus AIDS. Tha an suideachadh gu math eiginneach le corr is fichead à ceud anns an t-sluagh a' fulang leatha.
[deasaich] Spòrs
'S e na spòrs as motha ann an Afraga a Deas a th 'ann an Criogaid, Rugbaidh agus Ball-coise. Nuair a bha Apartheid ann, bha bacadh air sgiobaidehan spòrs à Afraga a Deas.
[deasaich] Ceanglaichean A-Muigh
Template:Afraga
[deasaich] Ainmean Eile
Tha 11 cananan oifigeil eile aig Afraga-a-deas.
- Republiek van Suid-Afrika (Afrikaans)
- Republic of South Africa (Beurla)
- IRiphabliki yeSewula Afrika (IsiNdebele)
- IRiphabliki yaseMzantsi Afrika (IsiXhosa)
- IRiphabliki yaseNingizimu Afrika (IsiZulu)
- Rephaboliki ya Afrika-Borwa (Sepedi)
- Rephaboliki ya Afrika Borwa (Sesotho)
- Rephaboliki ya Aforika Borwa (Setswana)
- IRiphabhulikhi yeNingizimu Afrika (SiSwati)
- Riphabuḽiki ya Afurika Tshipembe (Tshivenda)
- Riphabliki ra Afrika Dzonga (Xitsonga)