Meatailt trom
As a'Wikipedia
'S e seorsa ceol a tha ann am meatailt (neo meatailt trom). Thoisich an stoidhle seo, anns na 1960an/1970an, le còmhlain a' cuir ri cheile ceòl roc agus blues, airson fuam a dheanamh far an robh giotair agus drumaichean a' cluich pàirt làidir. As deidh uine, thoisich diofar sheòrsan de cheòl meatailt - mar meatailt dubh, meatailt marbh, meatailt gothic agus meatailt cumhachd - agus mar sin a' nochdadh. Tha dà chiall aig meatailt: an ceòl seo gu lèir, neo na cmhlain is trath, a bha a'cluich an stoighle nas tradiseanta anns na seachdadan. 'S e Black Sabbath, Van Halen agus Judas Priest eisimplearan de na còmhlain seo.
Ged a bha meatailt uabhasach soirbheachail anns na seachdadan agus na h-ochdadan chan eil e cho poblach 's an latha an diugh. Tha tòrr dhan an seo co-cheangailte ris am modha grunge a dh'fhàs mòr anns na naoicheadan tràth le còmhlain mar Nirvana agus Pearl Jam.
Aig an deireadh de na 1990an, thoisich seorsa de meatailt air a tha an t-ainim nu metal a dh'fhàs mòr, ach tha daoine ann a tha ag aragamaid nach e meatailt "ceart" a tha seo. Mur e neo nach e, a-nis chan eil an cèol seo cho soibheachail idir.
[deasaich] An Stoidhle
Is tric 's e giotair a tha cluich am pàirt is motha ann an ceòl meatailt agus tha cluich aon-neach(solos) uabhasach cumanta ann. Is coltach ann an còmhlain meatailt tha dithis neach-giotair(uaireanan triùir), neach-beus agus cluicheadair-druma. Tric tha na buill aig còmhlain meatailt air an gabhal ri mar na daoine is fheàrr air cluich na h-ionnsdramaidean aca anns an t-saoghal. Cluicheadairean giotair mar Zakk Wylde, Toni Iommi de Black Sabbath agus Eddie Van Halen de Van Halen. Cluicheadairean druma mar John Bonham aig Led Zepellin agus Dave Lombardo de Slayer. Neach-beus mar Steve Harris de Iron Maiden.
Tric tha òrain meatailt air a-rèir an nòis mar a bhith mu dheidhinn cuspairean diabhlaidh agus mar seo tha feadhainn de chòmhlain a' faighinn tòrr càineadh bho buidheannan creideamh.
[deasaich] Buaidh air Cultar
Tha meatailt air sgig-aithris anns am fiolm ainmeil This Is Spinal Tap.