Aristotle
As a'Wikipedia
Arasdotal (Greugais Ἀριστοτέλης Aristotelēs , Beurla Aristotle) (breith 384 RC aig Stagira, an Maseadonia, A' Ghrèig; bàs am Màirt, 7mh, 322 RC aig Chalicis, Euboea, a'Ghreug . Le Plato, 'se aon de na feallsanaiche is cudthromach ann an dòighean smaoineachadh Siarach. Tha e coltach gun sgriobh e mu 150 leabhraichean mu feallsanach ged a tha toir dhiu air an call.
[deasaich] Fosgladh
'Se dotair do Rìgh Amyntas de Maseadonia a bh'ann an athair Arasdotal. Bho aois ochd-deug gu trichead 'sa seachd dh'fhuirich è an Athans mar oileanach fo am feallsanaiche ainmeil Plato.
Tha air a radh gur e na trì feallsanaiche is mòr a bh'anns a' Ghrèig anns na sean aoisean Arasdotal, Plato agus Socrates . 'Se maighstear Plato a bh'ann an Socrates agus 'se maighstear Arasdotal a bh'ann am Plato. 'Se na trì feallsanaiche seo a chuir feallsanachd a' Ghrèig air dòigh is gur e an toiseach dhan an oileanachd ris an canar Feallsanaiche Siarach 'san latha an diugh. Theagaisg Arasdotal Alasdair Uaibhreach ( Alexander the Great ) a cheannsaich an Ear Mheadhannach gu lèir.
Bha a chuid mhòr de smuaintean Phlato mu fios bho na ciad-fàthan an còmhnaidh mi-chinnteach agus nach b'urrainn do dhuine sam bith fios firinneach fhaighean ach bho tionndadh air falbh bho'n neach a thionndas air falbh bhon t-Saoghal.
Bha diofar bheachdan aig Arasdotal. Bha esan a smaoineachadh gu robh fios bho na ciad-fàthan nas cudthromach. 'Se na beachdan seo a chaidh an cleachdadh an dèidh linntean anns an dòigh smuaintean ris an canar an Scientific Method 'sa Bheurla. 'Se a chuid mhòr de th'again a thuirt Arasdotal 'san latha an diugh nòtaichean a dh'fhàg è bho toirt oraid. 'Se feadhainn de na sgriobhaidhean is ainmeil aige a tha againn fhathast Physics,Metaphysics.(Nicomachean) Ethics, Politics,De Anima agus Poetics.
[deasaich] Eachdraidh agus Cudthrom obair Aireasdotal
Chan eil moran fios againn mu eachdraidh obair Arasdotal bho'n àm a bhàsaich è chun a Chiad Linn RC. Tha seann-sgeul ag ràdh gun deach na leabhraichean agus sgriobhaidhean aig Aireasdotal fhàgail dha Theophrastus. 'Se Theophrastus am maighsear a lean Arasdotal agus dh'fhalaich e na sgriobh è airson deanamh cinnteach nach dèidheadh an goid na an sgrios. Cha deach an lorg chun am bliadhna 70 RC.