Raibeart I na h-Alba
As a'Wikipedia
Raibeart Brus b. 11 den t-Iuchar 1274
Clàr-innse |
[deasaich] Teaghlach
Mac Raibeart Brus agus Marjorie, bana-Thighearna Carraig.Fhuair am Brus òg tighearnas Carraig ann an 1292 a bha ga fhagail na Iarla.‘Se fear den uaislean gaidhealach a bha na mhathair agus fear den Frangaich ‘Norman’ a bha na athair. Bha am Brus òg fileant ann an iomadach cànan. Dh'ionnsaigh e a Ghaidhlig bho mhathair agus Fraingis bho athair. B'urrainn dha Beurla agus Laideann a bhruithinn cuideachd.
[deasaich] Cogadh an aghaidh nan Sassanaich
Ghabh Brus pairt anns a cheannairc an aghaidh na Sassanaich sa bhliadhna 1297 agus chùm e a sabaist an deidh do arm Uallas càll le gòirt mòr aig blàr an Eaglais Bhreac ann an 1298.
Sheas Brus agus Comyn (mu dheireach le Easbaig Lamberton cuideach) mar luchd dìon Alba. Cha robh an dithis cairdeal oir bha Comyn a toirt taic do teaghlach Balliol a bha an aghaidh teaghlach Brus anns an oidhirp grèum fhaidhinn air Crùn Rìoghal Alba.
[deasaich] Brus mar Rìgh
Mhùirt Brus Iain Comyn aig eaglais an Dùn Phris – rud a chuir uabhas air daoine air feadh na Roinn Eorpa. Chaidh am Pàp aig an Eaglais Romanach na aghaidh mar is coireach agus chaill e ballrachd ‘siad ag radh gur e aichealladh a bh’ann - sa bhliadhna 1306 agus rinn e cabhaig gu Sgàin airson suidhe air an Righ-Chathrach ; an seann chlach Lia Fàil mar Rìgh Raibeart I. Chaidh e a shabaid na Sassanaich ach bha an arm aige ro lag agus chaill e aig blàr ann am Meithinnidh gu àrm fo Aymer de Valence.
An deidh an càll sin bha aige ri falachd air feadh na duthcha is na naimhdean aige a coimhead air a shon.
[deasaich] Alba saor a-rithist
Mu dheireadh thug bàs Eideard I cothrom dha tileadh dhachaigh do Charraig agus thoisich e a sabaid a rithist. Cha robh an Rìgh ùr Sassanach idir cho làidir ri athair agus gu slaodach chaidh sgrios a dheanamh air cumhachd luchd Sassainn ann an ceann a deas Alba. ‘Se am blàr is cudromaiche a bh’ann ‘se Blàr Allt a’ Bhonnaich far an do rinn Raibeart agus na h-Albannaich sgrios mòr air airm fada nas motha Sassanach air an ceathramh latha fichead den t-Iuchar, 1314. Bha gu lèor sabaid ann an deidh am blàr ainmeil seo ach b’urrainn dhut a nis a radh gu robh Alba saor bho smachd Sassainn agus chaidh seo a stèidhichte ann an 1328 aig Northampton nuar a leig Eideard II fhas tagradh sam bith gu Alba.