Trèana
As a'Wikipedia
Bithidh trèanaichean nan siubhal air rathaidean-iarainn. Is e sreang de carbadaibh a tha ann an treana.
Tha am facal "trèana" steidhichte air facal na Beurla airson "sguain". B'e eich a shlaod na uagainean air na chiad rathaidean iarainn. Ged nach b'urrainn each ach tunna a tharrainn an carbad air rathad-cloiche, b'urrainn dhaibh ceithir neo coig tunna a tharrainn a rathad-iarainn a bha comh-àrd. Mar sin b'urrainn dhaibh tharrainn tri neo ceithir carbadan an sguain.
Tha seo soillear bho'n Achd Phàrlamaid a cheadaich (togail do)an rathad-iarrainn bho Rutherglen gu Glaschu an 1826. Shonraich an Achd nach fhaod each a tharuinn ach "three wagons in train" thar na crasgan comh-àrd ( far an robh an rathaid-iarainn a' dol thar rathaidean-chumanta) air an t-slighe gu Laimhrig Deas a' Bhroomielaw.
Bho mu 1830 chuireadh innealan-smuid an gniomh a tharruinn treanaichean. An luib seo thoiseach treanaichean a shiubhal torr nas luatha. An diugh air feadh an t-saoghal tha innealan-smuid air dol a mach a fasan agus is e neart-dhealain neo innealan "Diesel" a dh'iomanas treanaichean.