Ierusalem
As a'Wikipedia
'S e Ierusalem (Eabhra: יְרוּשָׁלַיִם Yerushalayim; Arabais: القُدس al-Quds; Greugais Ιεροσόλυμα; Laideann Aelia Capitolina; Beurla: Jerusalem) am prìomh-bhaile aig Israel. Tha eachdraidh aig Ierusalem a tha a sìneadh tarsainn air na miltean de bliadhnachan agus gabhaidh an eachdraidh ud a-steach iomadach nàisean, rìoghachd, creideamh agus cogaidh. Tha àite chudromach aig Ierusalem ann an trì de na creideamhan is motha agus cumhachdach anns an t-saoghal : Crìosdaidheachd, Islam agus Iùthachas.