Islam
As a'Wikipedia
Se creideamh a tha ann an Islam a thoisich Mohammad.
[deasaich] Sgaoil Islam
Anns a' chiad sia linn de dh'eachdraidh Islam 'se aon de na rudan is mothachail an stri eadar an creideamh ùr ud agus an fheadhainn eile (Crìosdaidheachd agus creideamh Soroaster ann am Persia) a chaill torr is barrachd talamh ris ann an cogaidhean an deidh dha Mohammad agus an sluagh aige toiseachadh air ceannairc an aghaidh na duthchannan mun cuairt. Anns am bliadhna 600 bha dà Impireachd mhòr, shean agus cumhachdach gun teagamh air gach taobh den roinn ris an canar an Ear Mheadhannach san latha an diugh;
'Se a chiad fear an impireachd Roimh Earrach, ris an canar 'Byzantium' mar is tric, leis am priomh baile Constantinople (Istanbul anns an Tuirc san latha an diugh). Ged a thuit an Roimh agus an impireachd anns an Iar fo sgrios na sean Ghearmailtich, no Goths, bha am pairt seo den impireachd ainmeil ud fhathast beo, laidir agus dah rireamh cha mhor cho cumhachdach ris an Roimh aig am sam bith de dh'eachdraidh. Nas fhada fhathast gu Sear bha Impireachd Phersia, no Iran, ris an canar an Impireachd Sassanid mar is tric. Be seo duthaich eile le eachdraidh a cheairt cho aosd ris an Roimh agus gu dearbh tha e duilich am sam bith a lorg an eachdraidh 'nuair nach robh an da impireachd mor seo a cogadh an aghaidh a cheile. Aig an am seo bha Afraga a Tuath, gu h-araid an Eipheit, an talamh far a bheil an Tuirc san latha an diugh, a' Ghreig, taobh a deas an Eadailt agus oirthir am meadhan ear fo smachd Constantinople.
Categories: Bun | Creideamh | Islam | Ear Mheadhannach